放大镜
搜索加载器

Daibhidh Eyre 
Cailèideascop 

支持
Tha Angela Nicille Dhuinn air seann leabhar a lorg – leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a' dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì – agus gach duine – anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre – am b' urrainn dhi fuireach ann an Alba?
Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha eachdraiche òg air lorg fhaighinn air an sgeulachd aice. Agus le taic bho charaid àraid – a tha cracte air nobhailean mu dhèidhinn seann luchd- rannsachaidh prìobhaideach – tha i a' faighinn sealladh às ùr air ciamar a thàinig an cinne-daonna tro sgrios, cogadh, agus ùpraid, gu beatha shaor, bheairteach, far a bheil daoine a' dèanamh deiseil gus siubhal do na speuran.
Tha Daibhidh Eyre air sgeulachd ghleusta is shiùbhlach a chruthachadh, a tha a' tòiseachadh am measg ath-bheothachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, agus a' crìochnachadh anns na speuran. Turas thar-labhairt.
€4.00
支付方式

关于作者

RUGADH DAIBHIDH EYRE ann an Coatbridge ann an 1972. Chuir e seachad bliadhnaichean na h-àrd-sgoile ann an Glaschu, rinn e Litreachas na h-Alba agus Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus bhon uair sin tha dreuchdan air a bhith aige mar neach-naidheachd is oifigear nam meadhanan. Chaidh cuid dhe na dàin aige fhoillseachadh ann am Poetry Scotland, Irish Pages, Northwards Now, An Guth, Gutter agus New Writing Scotland. Dh’fhoillsicheadh an nobhail ghoirid aige, Glainne, ann an 2015.
语言 英语 ● 格式 EPUB ● 网页 102 ● ISBN 9781912387052 ● 文件大小 0.5 MB ● 出版者 Luath Press ● 市 London ● 国家 GB ● 发布时间 2017 ● 下载 24 个月 ● 货币 EUR ● ID 5395787 ● 复制保护 社会DRM

来自同一作者的更多电子书 / 编辑

27,947 此类电子书